|
|
|
| |
|
Daoine
Cailean Rothach RIBA FRIAS
Ceannard na Companaidh
Buinidh Cailean Rothach do Inbhir Nis, rinn e cùrsa ailtireachd an Colaisde Ealain Dhùn Èideann agus thug e grunn bhliadhnachan ag obair an Dùn Èideann, mus do thill e do dh'Inbhir Nis.
Tha e air a bhith na Cheannard air Thomas Munro & Co airson còrr is 20 bliadhna, a' cumail a' dol nan dòighean traidiseanta agus nan ìrean proifeiseanta a stèidhich athair agus a sheanair roimhe.
Tha Cailean a' stiùireadh an sgioba, a' dèiligeadh ri gach raon de obair agus stiùireadh proifeiseanta.
Tha e air mòran comais agus eòlais fhaighinn anns gach raon de dhìon agus cumail suas thogalaichean eachdraidheil.
Na dhreuchd fhuair e inbhe mar a leanas
Ceann-suidhe Comann Ailtearachd Inbhir Nis (1999-2000)Cathraiche Comann Dualchas Ailtearachd na h-Alba (Meur a' Chinn a Tuath)
Cuir brath gu Cailean aig an seoladh post d-ealain a leantainn;
c.munro@thomasmunro.co.uk
Calum MacIlleathain RIBA RIAS
Àrd Ailtire
Buinidh Calum do Ghallaibh, rinn e cùrsa Ailtireachd an Colaisde Ealain Dhùn Èideann.
Bha e ag obair an Èirinn airson 10 bliadhna far an robh e na cheannard air companaidh prìobhaideach soirbheachail.
Thill de don Ghàidhealtachd an 2004 gus tòiseachadh aig Thomas Munro & Co mar Àrd Ailtire, air ceann leasachadh ro-innleachd deilbh agus stiùiridh sa chompanaidh.
Tha mòran eòlais aig Calum ann an dealbh agus stiùireadh pròiseict chunnraidhean mòra poblach airson sgoiltean, am poileas agus seirbheisean tèarainteachd.
Tha comas speisealta aige cuideachd ann an dealbh Cùram-chloinne agus Tràth Ìrean agus tha e buidhnean riaghaltais an Èirinn ga chumail fhathast mar neach-comhairleachaidh air togalaichean airson seirbheisean ro-sgoile.
Fhuair Calum Bonn Òir JRR Mackay bho Chomann Ailtireachd Dhùn Èideann an 1989.
Cuir brath gu Calum aig an seoladh post d-ealain a leantainn;
c.maclean@thomasmunro.co.uk
|
Thomas Munro & Co, 62 Academy Street, Inverness, IV1 1LP, Tel. (01463) 232233
e-mail c.maclean@thomasmunro.co.uk
 |
|