.
 

Feallsanachd

Tha Thomas Munro & Co freumhaichte gu daingeann sa Ghàidhealtachd. Thàinig an dearbh-aithne shònraichte againn gu bith tro cheanglaichean làidir ris a' choimhearsnachd ionadail a tha air fàs thar iomadh linn.

Fhuair sinn air an dòigh phearsanta, phroifeiseanta agus chàirdeil ri ar luchd-dèiligidh a chumail suas, a dh'aindeoin suidheachadh margaidh a tha farpaiseach agus ag atharrachadh gu luath, le bhith a' toirt còmhla nan nithean traidiseanta as fheàrr agus nan nithean ùra as fheàrr.

Tha sinn a' dèiligeadh ri gach pròiseact mar chothrom air leth, a' co-fhreagairt iarrtasan agus suidheachadh an luchd-dèiligidh. Tha sinn a' dealbh a rèir an fhearainn, na coimhearsnachd agus an dualchais. Mìneachadh co-aimsireil air àite agus dearbh-aithne, onorach agus ùr, a' toirt spèis do na làraich agus comharran leantainneach a bha linn ma seach a' cruthachadh.


Thomas Munro & Co, 62 Academy Street, Inverness, IV1 1LP, Tel. (01463) 232233
e-mail c.maclean@thomasmunro.co.uk

Top of page

 

.